Drochaid-choise ùr aig aiseag Steòrnabhaigh ceum nas fhaisge

Tha còrr is dà bhliadhna ann on bhris an seann drochaid-choise do luchd-siubhail
- Air fhoillseachadh
Thuirt Ùghdarras Port Steòrnabhaigh gur e Lewis Builders Earr a fhuair cùmhnant £1.9m airson am bun-structar a bhios a dhìth airson drochaid-choise ùr do luchd-siubhail aiseig.
Togaidh a' chompanaidh ionadail an t-àrd-ùrlar airson na slighe-inntrigidh, air am bi mullach, eadar am bàta-aiseig agus ionad nan aiseagan.
Tha còrr is trì bhlidhna ann on bhris an seann drochaid-choise, a' fàgail gun robh aig luchd-siubhail deic nan carbadan a chleachdadh airson faighinn air bòrd agus far an aiseig.
Thuirt ùghdarras a' phuirt gu bheil iad an dùil gum bi an t-àrd-ùrlar ùr an sàs ron t-samhradh an ath-bhliadhna.
Seann drochaid-choise Phort Steòrnabhaigh a' falbh deireadh na mìos
- Air fhoillseachadh7 An Cèitean
Drochaid-choise ùr air fàire aig cidhe aiseig Steòrnabhaigh
- Air fhoillseachadh19 An t-Ògmhios 2025
Thuirt Àrd-oifigear Ùghdarras Port Steòrnabhaigh, Ailig MacLeòid: "Tha sinn ag aithneachdh gu bheil seo sàraichte do luchd-siubhail, agus tha sinn taingeil dhaibh airson an cuid foighidinn.
"Tha e air nas fhaide a thoirt na bu mhiann leinn ach 's e am prìomhachas againn fuasgladh fhaighinn a tha sàbhailte, earbsach agus seasmhach."
B' fheudar an t-àrd-ùrlar freagairt air an t-sìde-mhara an Steòrnabhagh agus a bhith air a dhealbh a rèir cho àrd 's a tha doras an luchd-siubhail air an Loch Seaforth an taca ri soithichean eile ann an cabhlach ChalMac.
Thuirt Mgr MacLeòid: "Tha obair romhainn fhathast, ach 's e ceum cudromach a th' ann a bhith a' toirt seachad a' chùmhnaint, agus tha fiùghair againn ri bhith a' faicinn an àrd-ùrlair ùir an sàs ron t-samhradh 2027."