Comhairlichean air bhòtadh 'son FtMG a stèidheachadh sna Crìochan

Ceathrar bhoireannach agus an cuid chloinne aig pàirce chluich.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha pàrantan air a bhith a' strì airson foglam Gàidhlig a stèidheachadh sna Crìochan

  • Air fhoillseachadh

Bhòt Comhairle Chrìochan na h-Alba Diardaoin gus foghlam Gàidhlig a chur an sàs san sgìre airson a' chiad uair.

Dh'aontaich comhairlichean ann am prionnsabal, aonad Gàidhlig fhosgladh ann an Tweeddale bhon Lùnastal 2027.

Tha co-dhùnadh na comhairle an eisimeil gun tèid luchd-obrach freagarrach fhastadh agus dearbhadh bho Riaghaltas na h-Alba gun toir iad co-dhiù 75% dhen mhaoineachadh air am biodh feum seachad, airson a' chiad chòig bliadhna.

A rèir an iarrtais a th' ann an-dràsta, dh'fhaodadh 13 duine cloinne a bhith sa chiad chlas - còignear air C1 agus ochdnar aig C2.

Chaidh sgìre Tweeddale a thaghadh leis gur ann an sin a tha a' mhòr-chuid dhe na teaghlaichean aig a bheil ùidh ann am foghlam Gàidhlig.

Tha seo a' tighinn an dèidh do phàrantan sna Crìochan fàgail air a' chomhairle nach robh iad a' leantainn a' phròiseis reachdail airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh mar bu chòir.

Mhol aithisg an-uiridh gum fosgladh aonad Gàidhlig ann an Tweeddale san Lùnastal am-bliadhna agus bha dùil aig pàrantan gun tòisicheadh an cuid chloinne a' faighinn foghlam sa Ghàidhlig.

Fhuair an luchd-iomairt briseadh-dùil san Ògmhios nuair a chaidh innse dhaibh nach biodh foghlam Gàidhlig aig ìre bun-sgoile a' tòiseachadh am-bliadhna leis gun robh tuilleadh sgrùdaidh a dhìth.

Balach òg le speuclairean air a' peantadh anns a' Ghàidhlig air sgàthan. Tha clas de sgoilearan eile air a' chùlaibh.

Thòisich Comhairle Chrìochan na h-Alba làn-mheasadh an-uiridh an dèidh fianais fhaighinn gun robh gu leòr iarrtais ann airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig san sgìre.

Tha pàrantan a' cumail a-mach gun robh còir aig an ùghdarras ionadail an dàrna measadh a dhèanamh taobh a-staigh seachd seachdainean a rèir Achd an Fhoghlaim 2016.

Ged a chaidh bhòtadh airson foghlam Gàidhlig a stèidheachadh Diardaoin, chuala comhairlichean nach eil sin deiseil agus gu bheil fhathast mì-chinnt ann mu ghoireasan, ionmhas agus mar a ghabhadh FtMG a thoirt gu buil, am measg eile.

"Deagh cheum"

Thuirt an Comhairliche Julie Pirone, Àrd-Bhall airson Foghlaim, Leasachadh Òigridh agus Ionnsachadh Fad Bheatha, gur e deagh cheum a tha seo a dh'ionnsaigh a bhith a' tabhann foghlam Gàidhlig aig ìre bun-sgoile sna Crìochan agus gu bheil e a' freagairt air iarrtas bho theaghlaichean ionadail.

"Tha cothrom againn a-nis obrachadh còmhla ri teaghlaichean agus com-pàirtichean gus faicinn ciamar a thèid againn air seirbheis a stèidheachadh a tha an dà chuid aig àrd-ìre agus seasmhach.

"Tha fhathast fuasglaidhean rin lorg airson gnothaichean practaigeach, gu h-àraid mu thimcheall fastadh luchd-obrach agus maoineachadh san ùine fhada.

"Cuiridh sin fòcas air an sin a-nis agus sinn ag amas air fàilte a chur air na ciad sgoilearan Gàidhlig sna Crìochan an ath-bhliadhna."

Tha a' chomhairle an dùil gun tèid aithisg eile le co-dhùnadh deireannach air beulaibh chomhairlichean sa Mhàrt an ath-bhliadhna.