Strì 'son seòladh aiseig anmoch a thilleadh a Dhiùra

Tha sgoilearan a' faireachdainn gu bheil iad a' call a-mach ri linn an atharrachaidh
- Air fhoillseachadh
Tha muinntir Eilean Dhiùra a' strì airson an seòladh aiseig mu dheireadh dhan là fhaighinn air ais.
San Iuchar, chuir Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid às dhan t-seirbheis a bh' ann aig 9:30f eadar Port Asgaig ann an Ìle agus Feòlainn ann an Diùra.
Tha an t-aiseag mu dheireadh a-nis a' fàgail aig 6:30f.
Tha muinntir an eilein ag ràdh gun robh an t-seirbheis anmoch, nach eil ach còig mionaidean a dh'fhaid, air leth cudromach do chloinn a tha a' dol gu clubaichean às dèidh na sgoile ann an Ìle agus do dhaoine a tha a' dèanamh an slighe dhachaigh 's iad air a bhith aig coinneamhan meadaigeach air tìr-mòr.
Thuirt an t-ùghdarras ionadail gu bheil còmhraidhean a' leantainn leis a' choimhearsnachd, mu dheidhinn seirbheisean aiseig.

Tha Scott Muir ag ràdh gu bheil a' choimhearsnachd air a bhith a' strì gus seirbheis anmoch fhaighinn air ais
Tha timcheall air 260 duine a' fuireach ann an Diùra.
Tha aiseag ChalMac a' ceangal an eilein ri Ìle, far a bheil port-adhair cuideachd.
A rèir cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Dhiùra, Scott Muir, tha muinntir an eilein air a bhith a' dèanamh oidhirp mhòr gus seòladh anmoch Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ath-stèidheachadh.
"Bha seòladh ann aig 9:30f suas chun an Iuchair am-bliadhna agus an uairsin, gun rabhadh foirmeil sam bith bhon chomhairle, chaidh a ghearradh," thuirt e.
"Tha sinn air a bhith a' strì fad còig mìosan airson fhaighinn air ais."
Tha Mgr Muir a' cumail a-mach gun robh eileanaich a' moladh dhan chomhairle cur às do sheòladh tràth sa mhadainn san ùine ghoirid agus an t-seirbheis anmoch a chur an sàs às ùr.
Thuirt e: "Tha 84% dhan choimhearsnachd air sealltainn nach eil iad riaraichte no idir riaraichte le mar a tha cùisean an-dràsta, às aonais seòladh aig 9:30f.
"Bhiodh daoine so-leònta a' cleachdadh na seirbheis sin airson faighinn gu coinneamhan meadaigeach air tìr-mòr.
"A-nis nach eil e ann, chan fhaigh iad chun nan coinneamhan sin ann an Glaschu."

Chan eil an aiseag a' toirt ach còig mionaidean a' dol eadar Ìle is Diùra
Chan eil sgoilearan an eilein idir toilichte mun t-suidheachadh.
Tha Daniel agus Corran nam measg agus iad a' faireachdainn gu bheil iad a' call a-mach.
Thuirt Daniel: "Tha trèanadh a' tòiseachadh aig 7f. Leis an sin, chan urrainn dhan fheadhainn à Diùra a bhios a' cluiche ball-coise a dhol ann tuilleadh.
"Sin an treas cuid dhan sgioba. Tha buaidh mhòr air a bhith ann."
Chan urrainn do Chorran a dhol gu clubaichean às dèidh na sgoile ma tha iad anmoch air an oidhche.
"Tachartasan sòisealta còmhla ri mo charaidean, tha mi air call a-mach air tòrr a thaobh sin," thuirt i.

Tha na h-atharraichean air buaidh a thoirt air gnothachas Pi NicDhaibhidh
Tha Pi NicDhaibhidh a' ruith àite-fuirich do luchd-turais agus tha i ag ràdh gu bheil an suidheachadh air buaidh a thoirt air gnothachasan ionadail.
"Tha dà aoigh air a bhith agam a dh'fheuch ri faighinn an seo air seòladh anmoch ChalMac ach chan fhaigheadh iad an uairsin a-nall an seo," thuirt i.
"Thug mi an cuid airgid air ais dhaibh.
"Gu follaiseach, tha sin an uairsin a' toirt buaidh air gnothachasan eile."
Thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gu bheil iad a' tuigsinn cho cudromach 's a tha an t-aiseag do mhuinntir an eilein, gnothachasan agus coimhearsnachdan.
Thuirt labhraiche: "Chan ann mar seo a bu mhiann leinn cùisean a bhith san ùine fhada agus tha plana-gnìomh againn gus piseach a thoirt air conaltradh agus beachdachadh air roghainnean seasmhach airson na seirbheis.
"Feumaidh atharraichidhean sam bith a bhith aig prìs reusanta, sàbhailte, seasmhach agus a rèir an lagh."

Tha timcheall air 260 duine a' fuireach ann an Diùra
Thuirt Còmhdhail Alba gum freagair Rùnaire na Còmhdhail, Stephen Flynn, a' chomhairle choimhearsnachd "an ceann sreath".
A rèir labhraiche, feumaidh Riaghaltas na h-Alba urram a thoirt do dh'ùghdarrasan ionadail "airson leasachadh a thoirt air na h-ìrean agus an cunntalachd fhèin mu choinneamh luchd-bhòtaidh" airson a bhith a' lìbhrigeadh nan seirbheisean aiseig a tha an urra riutha.
"Tha sinn airson a h-uile càil as urrainn dhuinn a dhèanamh gus taic a thoirt do chomhairlichean ann a bhith a' leasachadh sheirbheisean, aiseag Dhiùra nam meas.
"Ach aig a' cheann thall, 's e gnothach comhairle a tha seo."
Thuirt iad cuideachd gun deach £11.4m a bharrachd de ghoireasan agus £15.5m de mhaoineachadh calpa a thoirt dhan chomhairle airson ceanglaichean eadar eileanan, a thuilleadh air an cuibhreann fhèin de £275.8m airson 2026/27.
"Tha seo a' toirt sùbailteachd a bharrachd dhan ùghdarras ionadail gus na seirbheisean aiseig aca a lìbhrigeadh," thuirt iad.