Ràth-sàbhalaidh bhon Kilda air tighinn air tìr ann an Sealtainn

Triùir fhear, Douglas Craigie, Murchadh Moireasdan, Tam Moireach
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Douglas Craigie, Murchadh Moireasdan agus Tam Moireach air a bhith ag obair faisg air Port Nis

  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Poileas Alba gu bheil ràth-sàbhalaidh bhon bhàta-iasgaich an Kilda a chaidh a dhìth far chosta Leòdhais bho chionn còrr air trì seachdainean air tighinn air tìr ann an Sealtainn.

Chaidh an soitheach a lorg ann an West Burrafirth Diardaoin, 206 mìle air falbh bho Phort Nis.

Tha fios gun robh an Kilda le triùir air bòrd air a bhith ag obair faisg air Port Nis Dimàirt air an 13mh den Dàmhair.

Chaidh corp Douglas Craigie a thoirt às a' mhuir an uairean beaga na maidne an ath-là.

Tha dithis de na h-iasgairean, Tam Moireach, 40, agus Murchadh Moireasdan, 23, fhathast gun sgeul orra.

Thuirt an t-Inpseactair Niall Mac an Tàilleir: "Tha ar smuaintean fhathast leis a h-uile duine air a bheil a' chùis dhuilich seo a' toirt buaidh.

"Leanaidh sinn oirnn ag obair le na buidhnean eile, Meur Rannsachaidh nan Tubaistean-Mara, Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich agus eòlaichean mara ionadail gus lorg fhaighinn air an t-soitheach agus an dithis fhear a tha a dhìth."

Thòisich sgrùdadh aig toiseach na seachdan air dà làraich sa mhuir eadar Rubha Robhanais is Port Nis a chaidh a chomharrachadh an dèidh suirbhidh a rinn an NLV Pharos aig Bòrd Thaighean-Solais a' Chinn a Tuath.

Thàinig an sgrùdadh sin gu ceann Diciadain le dearbhadh bho na poilis nach d' fhuaireadh càil bhon Kilda.

Tha teaghlaichean an triùir fhear ag iarraidh gun tèid spèis a thoirt don cuid prìobhaideachd.